Sgeulachdan Àraid

Ged is e an dàrna mór-roinn as lugha ann an Ceanada a th’ann an Albainn Nuaidh, bidh ar daoin’ a’ compàirteachadh cultair agus dualchais a tha beairteach agus a bhios a’ cur dreach air có sinn agus air na h-àitichean ás a bheil sinn. An diugh, cuiridh ar bàigh agus ar sàileanan fasgacha fàilte air luchd-céilidh agus luchd-tuineachaidh ùra a thig chon nan cladaichean againn a’ dèanadh nas daingne a’ chliùtha againn airson aoigheachd agus airson na dòigh a bhios sinn a’ gabhail ri diùbhras.  Faodar ar dìleab de dh’imrich-cuain ’fhaighinn ’s an àrainneachd, ’s na taighean-tasgaidh, tasglannan agus leabhar-lannan againn, ’nar coimhearsnachdan agus anns an nàdur bheòthail agus iom-dhòigheach dhen dualchas againn. Le buaidh bòidhchead na tìre, air an glacadh ’s a’ chàirdeas leis a’ mhuir, air am misneachadh leis a’ mhiann le bhith a’ cuimhneachadh nan daoin’ ás an d’thàinig sinn agus le bhith a’ cur fàilte air daoin’ ùra, tha beairteas air a bhuileachadh air muinntir na h-Albann Nuaidh freumhaichte anns a’ chinnt a thaobh có a bha annainn agus a bhitheas annainn fhathast.

Mu 'n bhliadhna 1867, bha a' Ghàidhlig anns an treas àite am measg chànainean a bha air am bruidhinn ann a' Canada; agus mu 'n bhliadhna 1900, bha suas gu 100,00 duine ann an Albainn Nuaidh a' bruidhinn na Gàidhlig mar chiad chànain.
Ann an dualchas na Gàidhlig o thùs, bha drochaidean 'nan àitean-cruinneachaidh far an tigeadh coimhearsnachdan còmhla gus tlachd a ghabhail ann an òrain, sgeulachdan is danns le chéile. An diugh, tha làrach-lìn ùr ag amas air an aon seòrsa bhlais a thoirt seachad air-loidhne.
Tha muinntir na h-Albann Nuaidhe eòlach air céilidh mar chruinneachadh, gu h-àbhaisteach ann a’ talla far an cluinnear seinneadairean agus còmhlain-ciùil. Ach anns a’ Ghàidhlig, tha am facal ‘céilidh’ a’ ciallachadh ‘tighinn air chéilidh’, no tadhal ann a’ taigh nàbaidh far am faighear mar is tric còmhradh beothail, òrain, ceòl, srùbag is gréim bidhe.
Di-haoine, a 31d dhen Chéitean, cruinnichidh luchd-eachdraidh òg’ ás gach ceàrnaidh an Albainn Nuaidh aig Taigh-tasgaidh Inimrich Chanada aig Cidhe 21 gus an obair chruaidh ac’ a thaisbeanadh rè Féill Roinnteil na h-Oighreachd.