Dìleab Cànain: Ath-nuadhachadh Spiorad na Gàidhlig

Dìleab Cànain: Ath-nuadhachadh Spiorad na Gàidhlig

’Se rud nas motha na dòigh aithris a th’ ann an cànan; ’s ann a tha e ’na phàirt de dh’fhéineachas duine, a’ cur dualchas coimhearsnachd am follais. Ann an Albainn Nuaidh, tha caochladh nan cànainean dualchasach agus dhualchainntean a’ toirt fianais air an eachdraidh a tha sinn a’ co-roinn; agus théid beartas a bharrachd a chur ri ar n-oighreachd ’s sinn ’gan gléidheadh.

Tha a’ Ghàidhlig air a bhith a’ gabhail pàirt ann an iomadachd chànanaich na roinne bho mheadhon nan seachd-deicheadan, nuair a thàinig Gàidheil ’nan tùsairean bho Eileanan is Ghàidhealtachd na h-Albann agus thòisich iad air coimhearsnachdan is bailtean a stéidheachadh air ceann an ear tìr-mór na h-Albann Nuaidhe agus air Eilean Cheap Breatainn.

Gu tràth aig àm an àiteachaidh, chaidh a’ Ghàidhlig a thoirt seachad eadar na ginealaich anns an taigh chéilidh, far an deach tlachd a ghabhail le chéile ann a’ naidheachd ionadail, òrain, sgeulachdan, ceòl is dannsa.

Mu ’n bhliadhna 1867, b’ i a’ Ghàidhlig an cànan a bh’ aig treas pàirt dhen t-sluagh an Canada; agus mu 1900, b’ i a’ Ghàidhlig a’ chiad chànan aig co dhiùbh 100,000 duine ann an Albainn Nuaidh. Ach bhleith atharrachaidhean na 19mh linn agus na 20mh linn a’ Ghàidhlig ’s cha mhór nach do chuir iad ás dhi—leithid fàs nam bailtean móra, adhartas ann an obair tionnsgalach, leudachadh nan rathaidean iarainn, agus siostam-sgoile far nach fhaodadh ach a’ Bheurla a bhruidhinn.

Taing do ghnìomhachas anns a’ choimhearsnachd, do thaic bho’n riaghaltas, agus do sheanachaidhean a ghléidh an cànan rè nam bliadhnaichean, tha suim anns a’ Ghàidhlig a’ tighinn beò a-rithist. Thathas a’ tomhais gu bheil eadar 1,000 agus 2,000 neach ann an Albainn Nuaidh a tha ’nan luchd-labhairt agus ’nan luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig; seo àireamh a tha a’ fàs troimh oidhirpean eagrachaidhean mar Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile.

Air a stéidheachadh ann a’ 2005 le pearsachan a tha air an leigeil fo chumhachd a’ Ghàidhlig’s a dualchas a ghléidheadh ’s a mheudachadh anns a’ choimhearsnachd mu’n cuairt air Halafags, tha Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile ’na eagrachadh beothail, adhartach a bhios ag àrdachadh, ag ullachadh agus a’ toirt taic do ionnsachadh fìor Ghàidhlig na h-Albann Nuaidhe do shean is òg.

Rè na Dàmhair agus aig toiseach na Samhna, bidh Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile a’ tairgsinn bùthan-obrach ann a’ Halafags a bheir cothrom do bhogadh anns a’ Ghàidhlig, a’ cur gu feum dòigh-teagaisg “Gàidhlig aig Baile”. Cuiridh na bùthan-obrach seo a’ Ghàidhlig an aithne nan sgoilearan troimh chòmhradh, ghnìomhachdan làitheil agus gheumannan ann an àrainneachd bogaidh iomlain.

Gus barrachd ’ionnsachadh neo gus clàrachadh airson bùth-obrach theachdail, dèan tadhal air làraich-lìn Sgoil Ghàidhlig an Àrd-bhaile.

Mu 'n bhliadhna 1867, bha a' Ghàidhlig anns an treas àite am measg chànainean a bha air am bruidhinn ann a' Canada; agus mu 'n bhliadhna 1900, bha suas gu 100,00 duine ann an Albainn Nuaidh a' bruidhinn na Gàidhlig mar chiad chànain.