Bursaraidh a bheir taic do mhuinntir na h-Albann Nuaidhe gus a’ Ghàidhlig ’ionnsachadh
Tha muinntir na h-Albann Nuaidh’ a’ faighinn a’ chothroim a-rithist gus eòlas na Gàidhlig agus a cultuir ’adhartachadh an Albainn.
’S a cheathramh bliadhna, bheir prógram a' bhursaraidh taic do mhuinntir na h-Albann Nuaidh’ a bhios a’ gabhail pàirt ann an trèanadh-cànain an Albainn le cosgaisean: siubhail, bìdhe agus fuirich na le bhi ’g ionnsachadh air astar. Tha a’ mhaoin dhan phrógram a’ tighinn o Riaghaltas na h-Albann ’ro Bhòrd na Gàidhlig le Iomairtean na Gàidhlig ’ga riaghladh.
Bheir am prógram cothrom do mhuinntir na h-Albann Nuaidhe gus an sgilean ’s a’ Ghàidhlig agus a cultur adhartachadh ’ro shiubhal eadar-nàiseanta agus ionnsachadh thall thairis is air astar,” thuirt Ministear Iomairtean na Gàidhlig, Raghnull Delorey.
Clàraichidh luchd-fhaighinn a’ bhursaraidh gus ionnsachadh a dhèanadh aig Sabhal Mòr Ostaig, ’na ionad nàiseanta dhan a’ Ghàidhlig agus dh’a cultur anns an Eilean Sgitheanach an Albainn is ’ad a’ dol go clasaichean foirmeil. Faodaidh luchd-fhaighinn clàrachadh do chùrsaichean-ionnsachaidh air astar cuideachd.
’S e prógram air leth a th’ann a thug dhomh cothrom miarailteach o’n a dh’ionnsaich mi móran. Bha e ’na shochair dhomh a bhith ’nam roghnachadh mar aon dhen luchd-fhaighinn,” thuirt Seonag NicDhòmhnaill ás a’ Bhaile Bheag.
’Ro’n a’ Ghàidhlig agus ro’ thùsan coitcheann culturach, tha an iomairt seo ag ath-neartachadh nan ceanglaichean làidir’ a th’ann eadar Alba agus Alba Nuadh,” thuirt An t-Ollamh Alasdair Allan, Ministear do Chànanan na h-Albann, Riaghaltas na h-Albann. “Tha mi ’misneachadh muinntir na h-Albann Nuaidh’ a bhi a’ cur a-staigh dha agus a bhi a’ cur ri neartachadh na Gàidhlig agus nan ceanglaichean eadar an dà choimhearsnachd againn."
Feumaidh luchd-fhaighinn a bhi co-dhiubh 18 bliadhna a dh’aois agus ’nan luchd-còmhnaidh buan an Albainn Nuaidh a bhi ’nan teisteanachadh dhan bhursaraidh. ’S e 19 an Gearran an ceann-àma do dh’iarrtasan.
Gus tuilleadh fiosrachaidh ’fhaighinn a thaobh a bhi ’cur a-staigh do phrógram a’ bhursaraidh, nach cuir sibh fios go Lodaidh MacFhionghain 902-424-4298 na nach cuir sibh post-dealain go lewis.mackinnon@novascotia.ca.