Deich Lòchrain anns an Fhosglan
Tha muinntir na h-Albann Nuaidhe eòlach air céilidh mar chruinneachadh, gu h-àbhaisteach ann a’ talla far an cluinnear seinneadairean agus còmhlain-ciùil. Ach anns a’ Ghàidhlig, tha am facal ‘céilidh’ a’ ciallachadh ‘tighinn air chéilidh’, no tadhal ann a’ taigh nàbaidh far am faighear mar is tric còmhradh beothail, òrain, ceòl, srùbag is gréim bidhe.
Bha taigh-céilidh anns gach coimhearsnachd Ghàidhealaich far an cruinnicheadh sean is òg gus naidheachd, fiosrachadh air eachdraidh agus air na ginealaich, agus sgeulachdan ( eadar stòiridhean ionadail agus seanchas a mhaireadh uairean a thìde) a cho-roinn le chéile, cuide ri òrain, ceòl is seanfhacail. Mas robh an telebhisean agus an t-eadar-lìn ann, b’ e a’ chéilidh spòrsail, oideachail an taigh-sgoile do dhualchas na Gàidhlig.
A dh’ aindeoin gu robh a’ chéilidh a’ coimhead cuimseach tuiteamach, bha na h-inbhean àrd, bha suim aig an luchd-ionnsachaidh agus bha na h-inntinnean aca geur ’s ag amas air foghlam ’fhaighinn. Chaidh seanchaidhean, luchd-ciùil. seinneadairean is sgeulaichean air leth ’àrach ann a’ dachaidhean is coimhearsnachdan Gàidhealach. Air am brosnachadh le ’n cànain agus ealain, chuir na daoine seo gu mór ris na coimhearsnachdan aca agus ri iomadachd dhualchasaich na h-Albann Nuaidhe.
Tha cuimhn’ aig Mìcheal MacNèill, Baile Sheumais, Siorramachd Bhioctoria, nuair a bha e òg, gum biodh deich lòchrain uaireannan ann a’ fosglan an taighe, ag innse co mheud a bha air lòchran a chur gu feum ’s iad air tighinn dhan taigh aige air chéilidh. Mar a thuirt e, “Bhiodh e cho taitneach na soluis ’fhaicinn tighinn suas a’ lònaid”.
Tha uiread de thlachd aig na Gàidheil anns a’ litreachas agus a’ bhàrdachd aca, a bha airson a bhith ’ga seinn mar is tric, gur gann gum faigh iad an sàth dhiùbh. Bha ceòl, ann an òran, dannsa, air an fhìdhill agus air a’ phìob, a’ struthadh troimh am beatha. Bha seanchaidhean air am meas luachmhor agus thugadh taic dhaibh; bhiodh feadhainn ’nan aoighean fad làithean ann a’ dachaidhean feadh na coimhearsnachd agus nas fhaid’ air falbh.
Canar gun d’ rinn D.R. MacDhòmhnaill còrr is 2,000 port airson na fìdhle; agus bha Eòs Nìll Bhig ’na shaor siùbhlach, aig an robh sgeulachdan is fios eachdraidheil a lion 476 duilleag dhen leabhar “Sgeul gu Là”, rud drùidhteach gu dearbh! Thog iad puirt, stòiridhean, naidheachd agus òrain agus dh’ fhàg iad barrachd air an cùl.
B’ e fireannaich a bh’ ann a’ móran dhe na seanchaidhean, ach bha buaidh nam boireannach cudthromach aig an taigh: sheinneadh iad òrain is tàlaidhean dhan chlainn agus dhan chrodh’ s iad ’gam bleoghann. Dh’ionnsaich fìdhlearan ‘Buddy’ MacMhaighstir agus Aonghas Siosal puirt a bhiodh am màthraichean a’ seinn. Nuair nach robh inneal-ciùil aca, ghabhadh iad puirt á beul, òrain anns a’ Ghàidhlig a rachadh an cuideachd dannsaidh, no sheinneadh iad na fuinn car coltach ri “scat”, mar a nìthear ann a’ “jazz”. Nuair a dhèanadh seanmhair fìdhleir chliùitich Natalaidh NicMhaighstir sin, bha am fuaim cheart cho math ri fuaim na fìdhle.
Nan robh a’ Ghàidhlig agad, bhuineadh ceòl ri do bheatha. Agus an diugh, ma tha thu ag ionnsachadh na Gàidhlig, cha bhi e fada mas bi thu-fhéin air chéilidh, a’ gabhail tlachd ann an òrain agus dh’fhaoidte a’ co-roinn nan òran, na naidheachd agus nan stòiridhean agad fhéin.
Tha saoghal na Gàidhlig a’ tairgsinn paillteis de ruithim is de dh’fhuaim, agus conaltraidh càirdeil. Sin an t-adhbhar gu bheil gnìomhachas beothail ciùil Ceiltich aig a’ roinn agus féisean mar fhéis nan Dathan Ceilteach.
Rè Mìos na Gàidhlig, agus feadh na bliadhna, tha cothroman ann pàirt a ghabhail ann a’ ceòl, òran is dannsa. Nach dèan thu tadhal air a’ làraich-lìn againn aig.