An Drochaid Eadarainn

An Drochaid Eadarainn

Ann an dualchas na Gàidhlig o thùs, bha drochaidean 'nan àitean-cruinneachaidh far an tigeadh coimhearsnachdan còmhla gus tlachd a ghabhail ann an òrain, sgeulachdan is danns le chéile.  An diugh, tha làrach-lìn ùr ag amas air an aon seòrsa bhlais a thoirt seachad air-loidhne.

Tha An Drochaid Eadarainn, a chaidh a chur air bhog air an 2na là dhen Chéitean gus toiseach a chur air Mìos na Gàidhlig, a' toirt do mhuinntir na h-Albann Nuaidhe agus do dhaoine air feadh an t-saoghail, àite far am faod iad subhachas 'fhaighinn ann an cànan, dualchas agus féineachd nan Gàidheal anns a' mhór-roinn seo agus rannsachadh a dhèanamh orra.

Mar phròiseict air na cho-obraich iomadh pàirtiche, tha an làrach-lìn seo a' neartachadh coimhearsnachdan na Gàidhlig a tha beò an diugh leis a bhith a' tional agus a' taisbeanadh fìor shampaill dhen dualchas. Bidh an làrach seo a' cur bearraidhean bhidéo agus clàran claisneachd gu feum 's a' leigeil fhaicinn, dhan luchd-tadhail, nan dualchainntean, sgeulachdan agus cleachdaidhean, agus a' chiùil agus a' bhìdhe, a bhios le chéile a' toirt cruth do dhualchas na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh.

Tha an làrach-lin seo, a thuilleadh air a bhith  'na comas fiosrachaidh, 'na goireas luachmhor do dh'oileanaich, do luchd-teagaisg agus do sgoilearan.  Chaidh an làrach-lìn a dhealbhadh gus eadar-obair a shoirbheachadh agus mar sin, bheir i luchd-labhairt aig an robh a' Ghàidhlig bho'n ghlùin agus luchd-ionnsachaidh ùr le chéile, a' toirt seachad cothroman ionnsachaidh far am faod eòlas a cho-roinn agus a ghléidheadh.

Le Taigh-tasgaidh a' Chlachain Ghàidhealaich ann a' Sanndraigh, Ceap Breatainn, a' stiùireadh na pròiseict, chaidh a cur air dòigh taing do phàirtichean bho riaghaltais fheadarail, roinneil agus bhailteach, cuide ri stéidheachdan foghlaim air feadh na roinne.  Am measg an luchd-pàirteachaidh gheobhar Roinn Oighreachd Chanada, Roinn Bheag Siorramachd Bhioctoria, Oilthigh Naomh Fhransaidh Xavier, Colaisde nan Ealan, Alba Nuadh, Iomairtean Gàidhlig na h-Albann Nuaidhe agus Iomairtean Acaidianach na h-Albann Nuaidhe.

Gus barrachd  'ionnsachadh air gnìomhachais Mìos na Gàidhlig a' dol air adhart rè a' Chéitein, cuiribh post-dealain gufiosgaidhlig@gov.ns.ca

Air a dhealbhadh gus conaltradh sòisealta a shoirbheachadh, bidh an làrach-lìn seo a' dèanamh ceangail eadar fileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, a' cruthachadh chothroman ionnsachaidh anns an urrainn do dh' eòlas a bhith 'ga roinn agus 'ga ghléidheadh.