Ged is e an dàrna mór-roinn as lugha ann an Ceanada a th’ann an Albainn Nuaidh, bidh ar daoin’ a’ compàirteachadh cultair agus dualchais a tha beairteach agus a bhios a’ cur dreach air có sinn agus air na h-àitichean ás a bheil sinn. An diugh, cuiridh ar bàigh agus ar sàileanan fasgacha fàilte air luchd-céilidh agus luchd-tuineachaidh ùra a thig chon nan cladaichean againn a’ dèanadh nas daingne a’ chliùtha againn airson aoigheachd agus airson na dòigh a bhios sinn a’ gabhail ri diùbhras. Faodar ar dìleab de dh’imrich-cuain ’fhaighinn ’s an àrainneachd, ’s na taighean-tasgaidh, tasglannan agus leabhar-lannan againn, ’nar coimhearsnachdan agus anns an nàdur bheòthail agus iom-dhòigheach dhen dualchas againn. Le buaidh bòidhchead na tìre, air an glacadh ’s a’ chàirdeas leis a’ mhuir, air am misneachadh leis a’ mhiann le bhith a’ cuimhneachadh nan daoin’ ás an d’thàinig sinn agus le bhith a’ cur fàilte air daoin’ ùra, tha beairteas air a bhuileachadh air muinntir na h-Albann Nuaidh freumhaichte anns a’ chinnt a thaobh có a bha annainn agus a bhitheas annainn fhathast.