bheir Alba Nuadh cliù do Mhìos nan Gàidheal
Tha mìos a’ Chéitein air a shònrachadh mar Mhìos nan Gàidheal nuair a bheir Alba Nuadh cliù dha na Gàidheil agus an cànan, cultur agus coimhearsnachd 'gam brosnachadh agus 'gan cumail suas.
Thàinig buill Comhairle na Gàidhlig agus Coimhearsnachd nan Gàidheal cruinn còmhla le Ministear do dh’Iomairtean na Gàidhlig, Raghnull Delorey gus Bratach nan Gàidheal a thogail air làrach na Pàrlamaid Bige ann an Haileafacs an diugh, 29 an Giblean.
Randy Delorey, Ministear do dh’Iomairtean na Gàidhlig / Minister of Gaelic Affairs, Tony Ince, Minister of Communities, Culture and Heritage, Glenn Graham, Comhairle na Gàidhlig / Gaelic Council of NS, Norma MacLean, Sgoil Ghàidhlig an Àrd-Bhaile / Gaelic Society of Halifax, Tonya Fry, Comhairle na Gàidhlig / Gaelic Council of NS
“’S e seo an t-àm do Ghàidheil agus dhan fheadhainn uil’ a tha a’ taobhadh ri cànan agus cultur nan Gàidheal ’s a’ mhór-roinn a bhith ’nan seasamh gu bòsdail,” thuirt Tonya Fry aig Comhairle na Gàidhlig. “’S anns a’ mhìos seo gu h-àraid nuair a bhios sinn a’ toirt cliù do bhuan-leanaltas nan Gàidheal is sinne a bhios ag aithneachadh na bhios iad a' cur– thro’n cànan agus thro'n cultur – ri sòisealtas, eaconomaidh agus iomadachd na h-Albann Nuaidhe.”
’S e “A’ Daltachadh Cheanglaichean" an cuspair am bliadhna. Sheall an tachartas a chaidh a chur air bhog compàirteachasan, a’ toirt a-staigh taisbeanadh mas-fhìorach do phróiseact na h-ealain le oileanaich aig Colaisde a’ Chruthachaidh is na h-Ealain an Albainn Nuaidh agus clàr-dùthcha ’s a’ Ghàidhlig le oileanach aig Colaisde na Coimhearsnachd an Albainn Nuaidh, Campus ChOGS, Baile Labhruinn, Siorramachd Annapolis.
“’S e na h-oidhripean aig móran dhaoin’ ann an coimhearsnachd nan Gàidheal a thug sinn dhan àm seo ann an eachdraidh na h-Albann Nuaidhe anns a bheil móran a’ sàs agus ag obair còmhla gus an téid an cànan agus an dearbh-aithne chulturach seo a ghléidheadh, a leasachadh agus a chompàirteachadh le ginealaichean òga, luchd na coimhearsnachd, luchd-tadhail agus Ùr-Albannaich,” thuirt Lodaidh MacFhionghain, ceannard do dh’Iomairtean na Gàidhlig.
Bha am postair oifigeil, cuideachd air a chruthachadh le oileanach aig Colaisde a’ Chruthachaidh is na h-Ealain an Albainn Nuaidh air a shealltainn ann. ’S e an còmhlan-pìoba, Nuallan, aig Colaisde na Gàidhlig, dannsairean, agus taisbeanaidhean air prógraman agus compàirtichean air tighinn an uachdar taobh a-staigh na coimhearsnachd Gàidhealaich ’nam feartan an t-subhachais.
“Tha na Gàidheil air dearbhadh am buan-leanaltas thar iomadh ginealach an Albainn Nuaidh,” thuirt M. Delorey. “Leanaidh a’ Riaghaltas air le bhith a’ toirt taic agus a’ lìbhrigeadh phrógraman a nì cinnteach gun lean orra leasachadh coitchinn agus co-obrachaidh agus gum fìor-adhartaich mothachadh agus measadh nan Gàidheal is na tha iad a’ cur ri ar mór-roinn agus prógraman a bhuineas gu sònraichte do dh’ath-agairt cànan agus dearbh-aithne chulturach nan Gàidheal ’s an àm a thig.
Bheir an subhachas a-staigh, a mhaireas mìos de dh’fhaide, iomadh gnìomh mar luadhaidh, ionnsachadh air dannsa, sheiseanan gus sgeulachdan innseadh, leasanan na fìdhleadh, chlasaichean Gàidhlig agus barrachd.
Airson tuilleadh fhiosrachaidh air na Gàidheil an Albainn Nuaidh no tachartasan a bhuineas do Mhìos nan Gàidheal, tadhailibh air http://gaelic.novascotia.ca, éibhibh air 1-888-842-3542, no cuiribh post-dealain gu gaelicinfo@novascotia.ca