A’ Cumail Féill na h-Oighreachd agus an Fhoghlaim
Di-haoine, a 31d dhen Chéitean, cruinnichidh luchd-eachdraidh òg’ ás gach ceàrnaidh an Albainn Nuaidh aig Taigh-tasgaidh Inimrich Chanada aig Cidhe 21 gus an obair chruaidh ac’ a thaisbeanadh rè Féill Roinnteil na h-Oighreachd.
Tha Féill na h-Oighreachd Roinnteil ’na crìch do iomadh féill aig ìre a’ bhaile agus na roinne bhig feadh mìos a’ Chéitein, a’ toirt cruinn caochladh phròiseictean air leth a chumas suas lorg agus eòlas air eachdraidh Chanada.
Air a dhealbhadh do sgoilearan ann an ìrean 4 gu 9, bidh na féilltean ag altramadh dòighean-cruthachaidh agus tionnsgnaidh le bhith a’ toirt do dh’ òigridh àite poblaich far an urrainn dhaibh an cuid naidheachdan ’innse ’nan dòighean fhéin. Troimh na beachdan-smuain tionnsgalach aca, na guthan sònraicht’ agus an stoidhle bhrìoghmhoir aca, théid aig na sgoilearan air na dh’ionnsaich iad mu’n déidhinn fhéin agus an àite ris an abair iad dachaidh a cho-roinn.
Air a threòrachadh le sgioba de luchd-tagraidh, luchd-oideachaidh agus buidhnean oighreachd, ’s e prìomh-amas Prógram nam Féilltean a bhith ag àrach cathairicheas na h-òigridh, ’gam brosnachadh gus freumhan anns na coimhearsnachdan ac’ a neartachadh agus a’ toirt dhaibh a’ mhisnich a dhol a’ sàs gu mór ann a’cruthachadh ar dùthcha anns na bliadhnaichean romhainn.
A bharrachd air a’ seo, leis a bhith a’ dol a’ sàs ann a’ Féilltean na h-Oighreachd, théid litreachas am meud, fàsaidh sgilean conaltraidh nas géire, agus gheobhar tuilleadh chothroman do chòmhradh eadar na ginealaichean ’nan dachaidhean, ’nan sgoiltean agus ’nan coimhearsnachdan.
Bhon a chaidh Prógram nam Féilltean a thoirt a-steach gu nàiseanta ann a’ 1993, tha e air a bhith ’ga chumail ann an Albainn Nuaidh bho’n bhliadhna 1996, nuair a chuir Bòrd Sgoil Ionadail Chignecto-Mheadhanaich program-dearbhaidh air bhonn do dh’Urras Bhronfman. Bho’n àm sin, dh’fhàs agus sgaoil na féilltean gu bhith air an toirt a-steach do cho-rian an fhoghlaim. An diugh, tha am prógram a’ ruith gu làidir fhathast le còrr is 5,500 sgoilear a’ gabhail pàirt gach bliadhna.
Choisinn feadhainn a ghabh pàirt ann a’ féilltean roinnteil cothrom a dhol a’ sàs ann a’ co-fharpais nan Cathairichean Òga a chaidh a dhearbhadh ann a’2012 an àite na féille nàiseanta. Air a chur air bhonn le Eachdraidh Chanada, bidh a’ cho-fharpais a’ cur fàilt’ air sgoilearan bhideothan a dhèanamh dhe na pròiseictean ac’ agus an cur air an eadar-lìn do thaghadh nàiseanta is eadar-nàiseanta.
’S ann am Breandán Snyder, sgoilear ann an ìre a cóig bho Bhunsgoil Bhridgewater ann am Bridgewater, Alba Nuadh, fear dhe na buannaichean an uiridh, taing dhan bhideo a rinn e air ath-òrdugh Cogadh na Bliadhna 1812. A bharrachd air turas a dh’ Ottawa a chosnadh dhà fhéin do dheas-ghnàth Duaisean Riaghaladair na Ban-rìghinn ann an Eachdraidh, choisinn Breandán an duais airson na h-aithriseachd as fheàrr ann an co-fharpais “Viewfinders” aig Féis Fhiolmaichean a’ Chuain Shiair ann an 2013.